Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 19:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris-san?

Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile.

Oir is e Dia rìgh na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h‑eòlach.

Bha guth do thàirneanaich anns an speur; shoillsich do dhealanaich an saoghal; ghluaiseadh agus chriothnaich an talamh.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh, tha e air a sgeadachadh le mòralachd; tha an Tighearna air a sgeadachadh le neart, agus chrioslaich e e fhèin; tha an saoghal mar an ceudna air a dhaingneachadh, a‑chum nach gluaisear e.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; biodh aiteas air an talamh; dèanadh na h‑eileanan lìonmhor gàirdeachas.

Biodh aoibhneas oirbh, fhìreanan, anns an Tighearna, agus thugaibh buidheachas ri cuimhneachadh air a naomhachd.

Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh.

Cia maiseach air na slèibhtean casan an teachdaire aoibhinn a tha ag èigheach sìthe; teachdaire an deagh sgeòil, a tha ag èigheach slàinte, a tha ag ràdh ri Sion, Is e do Dhia as rìgh ann!

Agus togaidh na nèamhan agus an talamh iolach os cionn Bhàbiloin, agus na h‑uile a tha annta: nuair a thig a luchd-creachaidh na h‑aghaidh on àird a tuath, deir an Tighearna.

Agus chuala mi fuaim an sgiathan, mar thoirm mòran uisgeachan, mar ghuth an Uile-chumhachdaich; nuair a ghluais iad, chluinnte fuaim mar thorman sluaigh; tràth sheas iad, leig iad sìos an sgiathan.

Agus, feuch, thàinig glòir Dia Israeil o shlighe na h‑àird an ear: agus bha a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan, agus dhealraich an talamh le a ghlòir.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Agus a chasan cosmhail ri umha fìorghlan, mar gum biodh iad a’ dearg-losgadh ann an àmhainn; agus a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan.

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.

Agus chuala mi guth o nèamh, mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar fhuaim tàirneanaich mhòir; agus chuala mi fuaim chlàrsairean, a’ dèanamh ciùil len clàrsaichean:

Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.

Agus chan fhaca mi teampall ann: oir is e an Tighearna Dia uile-chumhachdach, agus an t‑Uan, as teampall dha.

Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.

Agus chunnaic mi, nuair a dh’fhosgail an t‑Uan aon de na seulachan, agus chuala mi aon de na ceithir beò-chreutairean ag ràdh, mar le fuaim tàirneanaich, Thig, agus faic.

Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan