Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 19:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil gu saoghal nan saoghal. Agus thubhairt an sluagh uile, Amen, agus chliùthaich iad an Tighearna.

Mar an ceudna chrath mi m’uchd, agus thubhairt mi, Mar seo crathadh Dia gach duine nach coilean an gealladh seo, a‑mach as a thaigh, agus as a obair, eadhon mar seo crathar a‑mach agus falmhaichear e. Agus thubhairt an coitheanal uile, Amen, agus mhol iad an Tighearna. Agus rinn an sluagh a rèir a’ gheallaidh seo.

Agus bheannaich Esra an Tighearna, an Dia mòr: agus fhreagair an sluagh uile, Amen, Amen, a’ togail suas an làmh. Agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh don Tighearna len aghaidhean ris an talamh.

Sgriosar peacaich a‑mach as an talamh, agus cha bhi na h‑aingidh ann nas mò. Beannaich an Tighearna, O m’anam. Molaibh-se an Tighearna.

Guma beannaichte an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Agus abradh an sluagh uile, Amen. Molaibh-se an Tighearna.

Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen!

Agus beannaichte gu robh a ainm glòrmhor-san gu sìorraidh, agus lìonar an talamh uile le a ghlòir! Amen agus Amen!

Beannaichte gu robh an Tighearna gu sìorraidh! Amen agus Amen.

Thubhairt eadhon am fàidh Ieremiah, Amen: gun dèanadh an Tighearna mar sin; gun coileanadh an Tighearna do bhriathran a rinn thu fhàistneachd, le soithichean taigh an Tighearna, agus gach nì eile a thugadh air falbh ann am bruid, a thoirt air an ais o Bhàbilon a‑chum an àite seo.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

No nuair a bheannaicheas tu leis an spiorad, cionnas a their an tì, a tha ann an àite an duine gun fhòghlam, Amen rid bhreith-buidheachais, o nach aithne dha an nì a tha thu ag ràdh?

Agus thug aon de na ceithir beò-chreutairean do na seachd aingil seachd soithichean òir, làn de fheirg an Dè a tha beò gu saoghal nan saoghal.

Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

Agus a‑rìs thubhairt iad, Haleluia. Agus chaidh a deatach suas gu saoghal nan saoghal.

Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.

Agus thubhairt na ceithir beò-chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan