Agus sheall e air Sòdom agus Gomorrah, agus air fearann a’ chòmhnaird uile, agus chunnaic e, agus, feuch, chaidh deatach na tìre suas mar dheatach àmhainn.
Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.
Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.
Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh,
Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:
Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead, agus na ceithir beò-chreutairean sìos, agus rinn iad adhradh do Dhia, a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, ag ràdh, Amen; Haleluia.