Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 19:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic mi aingeal àraidh na sheasamh anns a’ ghrèin; agus ghlaodh e le guth àrd, ag ràdh ris an eunlaith uile, a bha ag itealaich ann am meadhon nèimh, Thigibh, agus cruinnichibh sibh fhèin a‑chum suipear an Dè mhòir;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Gidheadh teannaichidh mise Ariel, agus bidh caoidh agus bròn ann; agus bidh e dhòmhsa mar Ariel.

O! uile bheathaichean na machrach thigibh a‑chum ithe; O! uile bheathaichean na frìthe!

Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh-se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas.

Air a bhallachan briste gabhaidh uile eunlaith an adhair còmhnaidh, agus bidh uile bheathaichean na machrach air a gheugan:

Agus chunnaic mi aingeal eile, ag itealaich ann am meadhon nèimh, aig an robh an soisgeul sìorraidh ri shearmonachadh dhaibhsan a tha nan còmhnaidh air an talamh, agus do gach uile chinneach, agus threubh, agus theangaidh, agus shluagh,

Agus mharbhadh a’ chuid eile le claidheamh an Tì a bha na shuidhe air an each, a thàinig a‑mach as a bheul: agus bha an eunlaith uile air an lìonadh lem feòil.

Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!

Agus thubhairt am Philisteach ri Daibhidh, Thig am ionnsaigh-sa, agus bheir mi d’fheòil do eunlaith an adhair agus do bheathaichean na machrach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan