Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 19:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha e air a sgeadachadh le trusgan tumte ann am fuil: agus is e an t‑ainm a ghoirear dheth, FACAL DHE.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh.

Oir tha gach uile chath an fhir-chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.

Anns an toiseach bha am Facal, agus bha am Facal maille ri Dia, agus b’e am Facal Dia.

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

An nì a bha ann o thùs, an nì a chuala sinne, a chunnaic sinn le ar sùilean, air an d’amhairc sinn, agus a làimhsich ar làmhan a‑thaobh facal na beatha;

Oir tha triùir a tha a’ dèanamh fianais air nèamh, an t‑Athair, am Facal, agus an Spiorad Naomh: agus an triùir sin is aon iad.

Agus shaltradh am fìon-amar an taobh a‑muigh den bhaile, agus thàinig fuil a‑mach as an fhìon-amar, gu srèin nan each, fad mìle agus sia ceud stàid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan