Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme? Agus bheannaich e an sin e.
Cò a chaidh suas do nèamh, no a thàinig a‑nuas? Cò a chruinnich a’ ghaoth na dhùirn? Cò a cheangail na h‑uisgeachan ann an trusgan? Cò a shuidhich uile chrìochan na talmhainn? Ciod as ainm dha? Agus ciod e ainm a mhic, ma tha fhios agad?
Rachaibh a‑mach, a nigheanan Shioin, agus faicibh Rìgh Solamh leis a’ chrùn leis an do chrùn a mhàthair e air là a phòsaidh, agus air là subhachas a chridhe.
Oir rugadh dhuinne duine-cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
Bha a chorp fòs cosmhail ri beril, agus a ghnùis mar dhreach dealanaich, agus a shùilean mar lòchrain theine, agus a ghàirdeanan agus a chasan cosmhail ann an dath ri umha lìomhte, agus fuaim a bhriathran cosmhail ri guth sluaigh mhòir.
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
Agus a‑nis chan eil mise nas mò anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa. Athair naoimh, coimhead iadsan tre d’ainm, a thug thu dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar tha sinne.
Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.
Gu ro‑àrd os cionn gach uile uachdaranachd, agus cumhachd, agus neirt, agus tighearnais, agus gach ainme a dh’ainmichear, chan e a‑mhàin anns an t‑saoghal seo, ach anns an t‑saoghal ri teachd mar an ceudna:
Ach chì sinn Iosa, a rinneadh rè ùine bhig na b’ìsle na na h‑aingil, a‑chum tre ghràs Dhè gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine, tre fhulang a’ bhàis air a chrùnadh le glòir agus le urram.
Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.
An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.
Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.