Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 19:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean seo, chuala mi guth àrd mhòr-shluaigh air nèamh, ag ràdh, Haleluia, Slàinte, agus glòir, agus urram, agus cumhachd don Tighearna ar Dia:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Is leatsa, O Thighearna, a’ mhòrachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, agus a’ bhuaidh, agus a’ mhòralachd; oir is leat na h‑uile a tha air nèamh agus air talamh: is leat an rìoghachd, O Thighearna, agus tha thu air d’àrdachadh mar cheann thar nan uile.

Sgriosar peacaich a‑mach as an talamh, agus cha bhi na h‑aingidh ann nas mò. Beannaich an Tighearna, O m’anam. Molaibh-se an Tighearna.

Molaibh an Tighearna. O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Molaibh-se an Tighearna. Bheir mise cliù don Tighearna lem uile chridhe, ann an coinneamh nam fìrean agus anns a’ choitheanal.

Ach beannaichidh sinne an Tighearna, on àm seo agus gu bràth. Molaibh-se an Tighearna.

Molaibh-se an Tighearna; mol an Tighearna, O m’anam.

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh an Tighearna o na nèamhan; molaibh e anns na h‑àrdan.

Molaibh-se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.

Molaibh-se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd.

Is leis an Tighearna an fhurtachd; air do shluagh tha do bheannachd. Selah.

Aon uair labhair Dia; dà uair chuala mi seo, gur le Dia cumhachd.

Agus togaidh na nèamhan agus an talamh iolach os cionn Bhàbiloin, agus na h‑uile a tha annta: nuair a thig a luchd-creachaidh na h‑aghaidh on àird a tuath, deir an Tighearna.

Ach ìobraidh mise dhutsa le guth buidheachais; ìocaidh mi an nì sin a bhòidich mi; is ann don Tighearna a bhuineas slàinte.

Agus na leig ann am buaireadh sinn; ach saor sinn o olc: oir is leatsa an rìoghachd, agus an cumhachd, agus a’ ghlòir, gu sìorraidh. Amen.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.

Agus chuala mi mar ghuth mòr-shluaigh, agus mar fhuaim mòran uisgeachan, agus mar thoirm tàirneanaich chumhachdaich, ag ràdh, Haleluia: oir tha an Tighearna Dia uile-chumhachdach a’ rìoghachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan