Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thugaibh ath-dhìol dhi mar a dhìol ise ribh, agus thugaibh dhi a dhà uiread, a rèir a h‑obraichean: anns a’ chupan a lìon i, lìonaibh a dhà uiread dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

A nighean Bhàbiloin, a lom-sgriosar, is sona esan a dhìolas dhutsa a rèir mar a rinn thu oirnne;

Thoir dhaibh a rèir an obrach, agus a rèir aingidheachd an gnìomharan; a rèir obair an làmh thoir dhaibh; ìoc an luigheachd dhaibh.

Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.

An àite ur nàire gheibh sibh cuibhreann dhùbailte; agus an àite maslaidh nì iad gàirdeachas nan cuibhrinn; uime sin nan tìr sealbhaichidh iad roinn dhùbailte; bidh aoibhneas aca gu sìorraidh.

Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.

Biodh nàire air a’ mhuinntir a tha gam ruagadh, ach na nàraichear mise: biodh iadsan fo gheilt, ach na biodh geilt ormsa; thoir thusa orra là na dòrainn, agus le sgrios ath-bhuailte sgrios iad.

Eighibh os a cionn air gach taobh: strìochd i i fhèin; thuit a daingnichean, thilgeadh sìos a ballachan: oir is e seo dìoghaltas an Tighearna, dèanaibh-se dìoghaltas oirre: mar a rinn i fhèin, dèanaibh-se rithe.

Gairmibh sluagh lìonmhor an aghaidh Bhàbiloin; sibhse uile a tha a’ lùbadh a’ bhogha, cuartaichibh le feachd i air gach làimh; na rachadh cuid air bith dhith as; dìolaibh rithe a rèir a h‑obrach, a rèir gach nì a rinn i, dèanaibh rithe; a chionn gun do rinn i gu h‑uaibhreach an aghaidh an Tighearna, an aghaidh Tì naomh Israeil.

Agus dìolaidh mi air Bàbilon, agus air uile luchd-àiteachaidh Chaldèa, an uile olc a rinn iad ann an Sion nur sealladh-se, deir an Tighearna.

Oir mar a thug Bàbilon air muinntir chlaoidhte Israeil tuiteam, mar sin aig Bàbilon thuit muinntir chlaoidhte an domhain uile.

Bheir thusa luigheachd dhaibh, O Thighearna, a rèir obair an làmh.

Tillibh a‑chum an daingnich, O phrìosanacha an dòchais; eadhon air an là‑an‑diugh tha mi ag innse gun dìol mi dhut beannachdan dùbailte.

Rinn Alecsander an ceàrd-umha iomadh olc orm: gun tugadh an Tighearna dha a rèir a ghnìomharan:

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.

Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Ris an do rinn rìghrean na talmhainn strìopachas, agus aig an do chuireadh luchd-àiteachaidh na talmhainn air mhisg le fìon a strìopachais.

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan