Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha a peacaidhean air ruigheachd suas gu nèamh, agus chuimhnich Dia a h‑euceartan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh.

Agus thubhairt mi, O mo Dhia, tha nàire orm agus rudhadh gruaidh m’aghaidh a thogail riutsa, mo Dhia: oir tha ar n‑euceartan air fàs lìonmhor os ar cionn, agus tha ar cionta air èirigh suas gu nèamh.

B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran.

Èirich, imich gu Ninebheh, am baile mòr sin, agus tog do ghuth na aghaidh; oir tha an aingidheachd air teachd a‑nìos am làthair-sa.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan