Agus chuala mi guth eile o nèamh, ag ràdh, Thigibh a‑mach aisde, mo phoball, a‑chum nach bi sibh com-pàirteach de a peacaidhean, agus nach faigh sibh cuid de a plàighean;
Agus chaidh Lot a‑mach, agus labhair e ra chleamhnan, a phòs a nigheanan, agus thubhairt e, Eiribh, rachaibh a‑mach as an àite seo, oir tha an Tighearna gus am baile seo a sgrios. Ach bha e mar neach a bha ri fanaid ann an sùilean a chleamhnan.
Rachaibh a‑mach o Bhàbilon; teichibh o thìr nan Caldèanach; le guth gàirdeachais innsibh, cuiribh seo an cèill; sgaoilibh an sgeul gu iomall na talmhainn; abraibh, Shaor an Tighearna a òglach fhèin, Iàcob.
Imichibh, imichibh; rachaibh a‑mach as a sin; na beanaibh ri nì neòghlan; rachaibh a‑mach as a meadhon; bithibh-se glan, a tha a’ giùlan soithichean an Tighearna.
Teichibh a‑mach à meadhon Bhàbiloin, agus sàbhaladh gach neach a anam, mun gearrar as sibh na h‑aingidheachd; oir is i seo aimsir dìoghaltas an Tighearna; ìocaidh e luigheachd dhi.
B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran.
Uime sin thigibh a‑mach as am meadhon, agus dealaichibh riu, tha an Tighearna ag ràdh, agus na beanaibh ris an nì neòghlan; agus gabhaidh mise am ionnsaigh sibh,