Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha.
Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear-tèarnaidh ann.
Dh’ith Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin suas sinn, chaith e sinn, rinn e sinn nar soitheach falamh; shluig e suas sinn mar dhràgon; lìon e a bhrù le ar nithean blasda, thilg e a‑mach sinn.
Airson lìonmhorachd strìopachas na strìopaich mhaisich, bana-mhaighistir nan draoidheachdan; a tha a’ reic chinneach le a strìopachas, agus theaghlaichean le a draoidheachdan.
Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, iadsan a tha sgeadaichte le aodach rìomhach, agus a’ caitheamh am beatha gu sòghail, is ann an cùirtean nan rìghrean a tha iad.
Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.
Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh:
A mheud is a ghlòraich i i fhèin, agus a chaith i a beatha gu sòghail, cho mòr is sin thugaibh dhi de pheanas agus de bhròn: oir tha i ag ràdh na cridhe fhèin, Tha mi am shuidhe am bhànrighinn, agus cha bhantrach mi, agus chan fhaic mi bròn.
Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh,