Taisbeanadh 18:22Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus cha chluinnear annad nas mò fuaim chlàrsairean, agus luchd-ciùil, agus phìobairean, agus thrompadairean; agus chan fhaighear annad nas mò fear-ceàirde, de ghnè ceàirde sam bith; agus cha chluinnear fuaim cloiche-muilinn annad nas mò; Faic an caibideil |
Guth aoibhneis, agus guth subhachais, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; guth na muinntir a their, Molaibh-se Tighearna nan sluagh, oir tha an Tighearna math, oir tha a thròcair buan gu sìorraidh; agus na muinntir a bheir an ìobairt-mholaidh gu taigh an Tighearna: oir bheir mise air a h‑ais bruid an fhearainn, mar air tùs, deir an Tighearna.