Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi e na sheilbh don ghràineig, agus na phollan uisge; agus sguabaidh mi e le sguaib an lèirsgrios, deir Tighearna nan sluagh.

Air an adhbhar sin, labhair thusa nan aghaidh na briathran fàistneachd seo air fad, agus abair riu, Beucaidh an Tighearna o a ionad àrd, agus o ionad còmhnaidh a naomhachd cuiridh e a‑mach a ghuth; beucaidh e gu cumhachdach an aghaidh ionad a thàimh; togaidh e iolach, mar iolaich luchd-bruthaidh nam fìondhearc, an aghaidh uile luchd-àiteachaidh na talmhainn.

Agus bidh Bàbilon na cùirn, na h‑ionad-còmhnaidh dhràgon, na h‑uamhas, agus na ball-sgeig, gun aon ga h‑àiteachadh.

Thuit Bàbilon gu h‑obann, agus mhilleadh i; guilibh os a cionn; gabhaibh ìoc airson a leòin, ma dh’fhaodar mar sin a leigheas.

Agus beucaidh an Tighearna a‑mach à Sion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth, agus bidh crith air na nèamhan, agus air an talamh: ach bidh an Tighearna na ionad-dìdein da shluagh; agus na dhaingneach làidir do chloinn Israeil.

Agus laighidh treudan sìos na meadhon, uile bheathaichean na talmhainn: gabhaidh am pelican agus a’ ghràineag tàmh na h‑àrd-dhorais: bidh am fuaim na h‑uinneagan: bidh fàsalachd anns an sgàth-thaigh: oir leigidh e ris a h‑obair sheudair.

Agus a chasan cosmhail ri umha fìorghlan, mar gum biodh iad a’ dearg-losgadh ann an àmhainn; agus a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan.

Agus ghlaodh e le guth àrd, mar a bheucas leòmhann; agus nuair a ghlaodh e, labhair seachd tàirneanaich an guthan fhèin.

Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall, a’ glaodhaich le guth àrd ris an Tì a bha na shuidhe air an neul, Sàth a‑steach do chorran, agus buain: oir thàinig àm dhut buain: oir tha fogharadh na talmhainn abaich.

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Agus chunnaic mi a’ teachd a‑mach à beul an dràgoin, agus à beul an fhiadh-bheathaich, agus à beul an fhàidh-bhrèige, trì spioradan neòghlan, cosmhail ri losgainn.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

Agus air clàr a h‑aodainn bha ainm sgrìobhte, RUN-DIAMHAIR, BABILON MHOR, MATHAIR NAN STRIOPACH AGUS GRAINEALACHDAN NA TALMHAINN.

A’ seasamh fad as, tre eagal a peanais, ag ràdh. Mo thruaighe, mo thruaighe! A’ chathair mhòr sin Bàbilon, a’ chathair threun sin! Oir ann an aon uair thàinig do bhreitheanas.

Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.

Agus chunnaic mi aingeal treun a’ gairm le guth àrd, Cò as airidh air an leabhar fhosgladh, agus air a sheulachan fhuasgladh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan