Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bidh Bàbilon na cùirn, na h‑ionad-còmhnaidh dhràgon, na h‑uamhas, agus na ball-sgeig, gun aon ga h‑àiteachadh.

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean!




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan