Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Is tu an cerub ungte a chòmhdaicheas; agus shuidhich mise thu; bha thu air sliabh naomh Dhè; shiubhail thu ann am meadhon nan clach dealrach.

Glacaibh-se a’ chreach airgid, glacaibh a’ chreach òir; chan eil crìoch air an ionmhas ghlòrmhor, leis gach uile sheòrsa de shoithichean rìomhach.

Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean.

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo?

Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan