Agus dh’imich an toradh, air an robh mòr-dhèidh d’anama, uat, agus dh’imich na h‑uile nithean annasach agus maiseach uat, agus chan fhaigh thu iad nas mò.
Agus ghlac cìocras an cumasg sluaigh a bha nam measg: agus ghuil mar an ceudna clann Israeil a‑rìs, agus thubhairt iad, Cò a bheir dhuinn feòil ra h‑ithe?
Ach ciod e an nì a chaidh sibh a‑mach a dh’fhaicinn? An e duine air a sgeadachadh ann an aodach mìn? Feuch, a’ mhuinntir a chaitheas aodach mìn, is ann an taighean nan rìghrean a tha iad.
Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.
Tha sibh a’ miannachadh, agus chan eil agaibh: tha sibh a’ marbhadh, agus a’ dian-shanntachadh, agus chan eil e an comas dhuibh nì fhaotainn; tha sibh a’ cathachadh agus a’ cogadh, gidheadh chan eil agaibh, do bhrìgh nach eil sibh ag iarraidh.
Agus canal, agus nithean deagh-fhàile, agus ola-ungaidh, agus tùis, agus fìon, agus ola, agus min mhìn, agus cruithneachd, agus ainmhidhean, agus caoraich, agus eich, agus carbadan, agus tràillean, agus anaman dhaoine.