Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 18:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì ceannaichean na talmhainn gul agus caoidh air a son; oir cha cheannaich neach sam bith am bathair nas mò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na an t‑òr.

Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah.

Is amhail a bhios dhut a’ mhuinntir leis an do shaothraich thu, iadsan ris an robh gnothach agad od òige; tionndaidhidh gach aon a lethtaobh gu a ghnothach fhèin; cha bhi d’fhear-tèarnaidh ann.

B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd-calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh.

Àrd-ghuilibh, a luchd-àiteachaidh Mhacteis, oir tha an luchd-malairt gu h‑iomlan air an gearradh as; tha uile luchd-giùlain an airgid air am milleadh.

Cha mhò a dh’fhaodas an airgead no an òr an saoradh ann an là fearg an Tighearna; ach le teine a eud-san loisgear am fearann uile: oir bheir e gu deimhinn lèirsgrios obann air uile luchd-àiteachaidh na tìre.

Ach chuir iadsan an suarachas e, agus dh’imich iad romhpa, fear dhiubh gu a fhearann, agus fear eile a‑chum a cheannachd:

Agus thubhairt e riùsan a bha a’ reic chalaman, Togaibh iad sin à seo; na dèanaibh taigh m’Athar-sa na thaigh-marsantachd.

Agus tre shannt nì iad ceannachd oirbh le briathran mealltach: dream nach eil am breitheanas a‑nis o chian a’ dèanamh moille, agus chan eil an sgrios a’ turra-chadal.

Seasaidh ceannaichean nan nithean seo a rinneadh saoibhir leatha, am fad, air eagal a peanais, a’ gul agus a’ caoidh,

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.

Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh:

Oir dh’òl na h‑uile chinnich de fhìon fearg a strìopachais, agus rinn rìghrean na talmhainn strìopachas rithe, agus rinneadh saoibhir ceannaichean na talmhainn le pailteas a sògha.

Agus nì rìghrean na talmhainn, a rinn strìopachas agus a chaith am beatha gu sòghail maille rithe, gul agus caoidh air a son, nuair a chì iad deatach a losgaidh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan