Taisbeanadh 17:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann. Faic an caibideil |
Na dhèidh seo chunnaic mi ann an aislingean na h‑oidhche, agus feuch, ceathramh beathach; eagalach agus uamhasach, agus ro‑làidir; agus bha fiaclan mòra iarainn aige: shluig e suas agus bhris e ann am bloighdean, agus shaltair e am fuidheall le a chasan; agus bha e eu‑cosmhail ris na h‑uile bheathaichean a bha roimhe; agus bha deich adhaircean air.