Taisbeanadh 17:7Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn-diamhair na mnà, agus an fhiadh-bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean. Faic an caibideil |
Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.