Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.
Rùn-diamhair nan seachd reultan a chunnaic thu ann am làimh dheis, agus nan seachd coinnleirean òir. Is iad na seachd reultan, aingil nan seachd eaglaisean: agus is iad na seachd coinnleirean a chunnaic thu, na seachd eaglaisean.
Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.
Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.
Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:
Agus thubhairt an t‑aingeal rium, Carson a ghabh thu iongantas? Innsidh mise dhut rùn-diamhair na mnà, agus an fhiadh-bheathaich a tha ga giùlan, air a bheil na seachd cinn agus na deich adhaircean.
Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.
Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.
Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.