Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 17:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha a’ bhean air a sgeadachadh ann am purpar, agus ann an sgàrlaid, agus air a dèanamh brèagha le òr, agus clachan luachmhor, agus neamhnaidean, agus cupan òir aice na làimh, làn de ghràinealachd agus de neòghlaine a strìopachais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus bha mar an ceudna Sòdomaich anns an tìr: rinn iadsan a rèir uile ghràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.

A dh’àithn thu led sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh, Tha an talamh da bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh na thalamh neòghlan le neòghlaine sluagh nan tìrean, len gràinealachdan, a lìon e o cheann gu ceann len salchar.

Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.

Bu chupan òir Bàbilon ann an làimh an Tighearna, a chuir air mhisg an talamh uile: de a fhìon dh’òl na cinnich, uime sin tha na cinnich air bhoile.

Bha a salchar na sgiobaill; cha robh i cuimhneach air a crìch dheireannaich; uime sin thugadh i a‑nuas gu h‑iongantach; chan eil fear-comhfhurtachd aice: amhairc, O Thighearna, air m’àmhghar, oir mheudaich an nàmhaid e fhèin.

Uime sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A bheil sibh air ur truailleadh a rèir nòs ur n‑athraichean? Agus a bheil sibh a’ cur strìopachais an gnìomh a rèir an gràinealachdan-san?

An sin cuir falamh e air èibhlean a‑chum gun teasaich a’ phràis, agus gun loisg i, agus gum bi a salchar air a leaghadh innte, air chor is gum bi a sal air a chaitheamh.

Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.

Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.

An sin crathaidh mi uisge glan oirbh, agus bidh sibh glan; o ur n‑uile shalchar, agus o ur n‑uile iodhalan glanaidh mi sibh.

Ach na àite bheir e onair don dia Mahusim: agus do Dhia nach b’aithne da athraichean bheir e onair le òr agus airgead, agus le clachan rìomhach, agus nithean taitneach.

Mar dhearcan-fìona anns an fhàsach, fhuair mise Israel; mar am meas luath air a’ chrann-fhìge na chiad àm chunnaic mi ur n‑athraichean. Ach chaidh iad gu Bàal-peor, agus dhealaich iad iad fhèin a‑chum an nì nàirich sin; agus dh’fhàs iad gràineil, mar chuspair an gràidh.

Agus chunnaic sibh an gràinealachdan, agus an iodhalan, fiodh agus clach, airgead agus òr, a bha nam measg:)

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon-aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor,

Agus ag ràdh, Is truagh am baile mòr sin, a bha air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, agus purpar, agus sgàrlaid, agus a bha air a dhèanamh brèagha le òr, agus le clachan luachmhor, agus le neamhnaidean!

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus an dà‑gheata-dheug bu dà‑neamhnaid-dheug iad; bha gach aon fa leth de na geatachan air a dhèanamh a dh’aon neamhnaid: agus b’òr fìorghlan sràid a’ bhaile, mar ghloine soilleir.

Agus cha mhò a ghabh iad aithreachas dem mort, no den draoidheachd, no den strìopachas, no den gadachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan