Taisbeanadh 17:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thug e leis mi anns an spiorad don fhàsach: agus chunnaic mi bean na suidhe air fiadh-bheathach air dhath sgàrlaid, làn de ainmean toibheim, air an robh seachd cinn agus deich adhaircean. Faic an caibideil |
Agus thubhairt iad ris, Feuch a‑nis, tha maille rid sheirbhisich lethcheud fear treun; rachadh iad, guidheamaid ort, agus iarradh iad do mhaighistir, air eagal gun do thog spiorad an Tighearna suas e, agus gun do thilg e e air beinn-eigin, no ann an gleann-eigin. Agus thubhairt esan, Cha chuir sibh uaibh iad.
Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.
Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon-aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor,