Mar seo thubhairt e, Is e an ceathramh beathach an ceathramh rìoghachd a bhios air an talamh, a bhios eug-samhail o gach uile rìoghachd, agus a shluigeas suas an talamh uile, agus a shaltras sìos e, agus a bhriseas e na bhloighdean.
Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.
Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.
Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.
Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.