Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 17:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Mura dubhairt fir mo phàillein, Och nach robh sinn air ar sàsachadh le a fheòil!

Nuair a thàinig luchd-uilc orm a dh’ithe suas m’fheòla, mo naimhdean agus m’eascairdean, thuislich iad fhèin agus thuit iad.

Agus feuch beathach eile, an dara aon, cosmhail ri math-ghamhainn, agus thog e suas e fhèin air aon taobh, agus bha aige trì aisnean na bheul, an taobh a‑staigh de a fhiaclan: agus thubhairt iad ris mar seo, Eirich, sluig mòran feòla.

Agus ma thruailleas nighean sagairt air bith i fhèin le strìopachas a dhèanamh, tha i a’ truailleadh a h‑athar: loisgear le teine i.

Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.

Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig.

Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.

Uime sin ann an aon là thig a plàighean, bàs, agus bròn, agus gorta; agus loisgear i gu tur le teine: oir is neartmhor an Tighearna Dia a bheir breith oirre.

A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd-cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan