Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 17:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is seachd rìghrean iad mar an ceudna: tha còig dhiubh air tuiteam, agus tha aon ann: cha tàinig am fear eile fhathast; agus nuair a thig e, is èiginn dha fantainn rè ùine bhig.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus tàrlaidh anns an là sin gun leigear air dearmad Tìrus deich agus trì-fichead bliadhna, a rèir làithean aon rìgh; an ceann deich agus trì-fichead bliadhna, seinnidh Tìrus mar strìopaich.

Agus thubhairt e rium, Is èiginn dhut a‑rìs fàidheadaireachd a dhèanamh am fianais shlògh, agus chinneach, agus theangaidhean, agus rìghrean lìonmhor.

Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh-bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh-bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas.

Agus chunnaic mi aon de a chinn mar gum biodh e air a lotadh gu bàs; agus lèighseadh a lot bàsmhor: agus ghabh an talamh uile iongantas an dèidh an fhiadh-bheathaich.

Agus am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil ann, is esan an t‑ochdamh, agus tha e on t‑seachdnar, agus thèid e am mugha.

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan