Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 16:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thàinig aon de na seraphim ag itealaich am ionnsaigh, agus na làimh èibhleag bheò, a thug e leis a’ chlobha bhàrr na h‑altarach;

Agus labhair e ris an duine a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach, agus thubhairt e, Imich a‑steach eadar na rothan, fon cherub, agus lìon do làmh le èibhlean teine eadar na ceruban, agus sgap iad thar a’ bhaile. Agus chaidh e a‑steach ann am shealladh.

Agus shìn cerub a‑mach a làmh o eadar na ceruban, a‑chum an teine a bha eadar na ceruban, agus ghabh e dheth; agus chuir e an làmhan an tì a bha sgeadaichte leis an lìon-aodach e; neach a ghlac e agus a chaidh a‑mach.

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.

Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus nuair a dh’fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anaman na muinntir sin a mharbhadh airson facal Dhè, agus airson na fianais a thug iad:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan