Mar seo tha an Tighearna ag ràdh. Ann an seo aithnichidh tu gur mise an Tighearna: feuch, buailidh mi leis an t‑slait a tha am làimh na h‑uisgeachan a tha anns an abhainn, agus tionndaidhear iad gu fuil.
Agus bheir mi air do luchd-sàrachaidh am feòil fhèin ithe; agus cuiridh mi air mhisg iad lem fuil fhèin, mar le fìon nuadh; agus bidh fhios aig gach uile fheòil gur mise an Tighearna do Shlànaighear, agus gur e d’fhear-saoraidh Tì cumhachdach Iàcoib.
An sin labhair na sagartan agus na fàidhean ris na maithean, agus ris an t‑sluagh gu lèir, ag ràdh, Is airidh an duine seo air bàs, oir rinn e fàistneachd an aghaidh na cathrach seo, mar a chuala sibh le ur cluasan.
An sin thubhairt na maithean agus an sluagh uile ris na sagartan, agus ris na fàidhean, Chan airidh an duine seo air bàs, oir ann an ainm an Tighearna ar Dia labhair e rinn.
Ach an tì do nach b’aithne, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.
Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?
Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.
Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.
Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.
Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.