Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 16:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh, Is cothromach thusa, O Thighearna, a tha, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrìgh gun tug thu breith air an dòigh seo:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Guma fada e uatsa a dhèanamh air an dòigh seo, an t‑ionracan a mharbhadh maille ris an aingidh: ionnas gum bi an t‑ionracan mar an t‑aingidh, guma fada sin uatsa: nach dèan Britheamh na talmhainn uile ceartas?

Tha an Tighearna cothromach; gheàrr e o chèile cùird nan aingidh.

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

Is ceart an Tighearna, oir chathaich mise an aghaidh a àitheantan; èisdibh, guidheam oirbh, a shlòigh gu lèir, agus faicibh mo bhròn: m’òighean agus m’òganaich dh’fhalbh ann am braighdeanas.

Uime sin rinn Dia faire air an olc, agus thug e oirnn e: oir tha an Tighearna ar Dia ceart na uile obraichean a tha e a’ dèanamh: oir cha tug sinne gèill da ghuth.

Athair chothromaich, cha b’aithne don t‑saoghal thusa: ach b’aithne dhòmhsa thu, agus thuig iad seo gun do chuir thusa uat mi.

Ach a rèir do chruais agus do chridhe neo-aithreachail, tha thu a’ càrnadh suas feirge dhut fhèin fa chomhair là na feirge, agus foillseachadh ceart-bhreitheanas Dhè;

Ach ma mholas ar n‑eucoir-ne fìreantachd Dhè, ciod a their sinn? A bheil Dia eucorach a tha a’ dèanamh dìoghaltais (tha mi a’ labhairt mar dhuine)?

Eòin, a‑chum nan seachd eaglaisean a tha anns an Asia; gràs dhuibh, agus sìth on Tì a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd; agus o na seachd spioradan a tha am fianais a rìgh-chathrach-san;

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Ag ràdh, Bheireamaid buidheachas dhutsa, O Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, a tha, agus a bha, agus a bhitheas; airson gun do ghabh thu do chumhachd mòr ad ionnsaigh, agus gun do rìoghaich thu.

Agus thaom an treas aingeal a shoitheach anns na h‑aibhnichean agus anns na tobraichean uisge; agus rinneadh iad nam fuil.

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan