Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 16:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thaom an dara aingeal a shoitheach anns an fhairge; agus rinneadh i mar fhuil duine mhairbh: agus fhuair gach anam beò bàs anns an fhairge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Gach nì aig an robh anail na beatha ann an cuinneinean a shròine, de na h‑uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad.

Thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus mharbh e an iasg.

Agus a thionndaidh e an uisgeachan gu fuil, agus an sruthan, air chor is nach faodte òl dhiubh;

Agus bheir mi breith ort mar a bheirear breith air mnathan a bhriseas an ceangal-pòsaidh, agus a dhòirteas fuil, agus bheir mi peanas ort ann an corraich agus ann an eud.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Agus bha aige na làimh leabhran fosgailte: agus chuir e a chas dheas air an fhairge, agus a chas chlì air an talamh.

Tha cumhachd aca seo nèamh a dhùnadh, ionnas nach bi uisge ann, ann an làithean am fàidheadaireachd: agus tha cumhachd aca air uisgeachan a‑chum an tionndadh gu fuil, agus an talamh a bhualadh leis an uile phlàigh, cho minig is as toil leo.

Agus sheas mi air gaineimh na fairge, agus chunnaic mi fiadh-bheathach ag èirigh suas as an fhairge, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a adhaircean deich crùin, agus air a chinn ainm toibheim.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan