Agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich ann; agus bha crith-thalmhainn mhòr ann, nach robh a leithid ann o bha daoine air an talamh, a samhail de chrith-thalmhainn cho mòr.
Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh, le tàirneanaich, agus le crith-thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich.
Agus anns an àm sin seasaidh Mìchael suas, am prionnsa mòr a tha a’ seasamh airson clann do shluaigh-sa; agus bidh aimsir carraid ann, mar nach robh riamh o bha cinneach ann, gus an uair sin fhèin: agus anns an àm sin saorar do shluagh-sa, gach aon a gheibhear sgrìobhte anns an leabhar.
Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.
Agus dh’fhosgladh teampall Dhè air nèamh, agus chunnacas na theampall àirc a’ choicheangail: agus bha dealanaich, agus guthan, agus tàirneanaich, agus crith-thalmhainn, agus clachan-meallain mòra ann.
Agus chaidh a‑mach as an rìgh-chathair dealanaich, agus tàirneanaich, agus guthannan: agus bha seachd lòchrain theine a’ dearg-lasadh am fianais na rìgh-chathrach, as iad seachd spioradan Dhè.
Agus dh’amhairc mi nuair a dh’fhosgail e an siathamh seula, agus, feuch, bha crith-thalmhainn mhòr ann; agus dh’fhàs a’ ghrian dubh mar shac-aodach de fhionna, agus dh’fhàs a’ ghealach mar fhuil;
Agus ghlac an t‑aingeal an tùiseir, agus lìon e e le teine na h‑altarach, agus thilg e air an talamh e: agus bha guthan, agus tàirneanaich, agus dealanaich, agus crith-thalmhainn ann.