Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 16:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chruinnich iad iad ri chèile a‑chum ionaid ris an abrar anns an Eabhra, Armagedon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.

Anns an là sin bidh cumha mhòr ann an Ierusalem, cosmhail ri cumha Hadadrimoin, ann an gleann Mhegidoin.

Uime sin nuair a chuala Pilat a’ chainnt sin, thug e a‑mach Iosa, agus shuidh e air a’ chathair-bhreitheanais, anns an ionad ris an abrar an Leac-ùrlar, ach anns an Eabhra, Gabata.

Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn-cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota.

A‑nis tha ann an Ierusalem, làimh ri geata nan caorach, lochan ris an abrar anns a’ chainnt Eabhraidhich, Betesda, aig a bheil còig taighean-fasgaidh.

Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Agus bha rìgh aca os an cionn, eadhon aingeal an dubh-aigein, agus is e as ainm dha anns an Eabhra, Abadon, ach anns a’ Ghrèigis is e as ainm dha Apolion.

Agus tàirngidh mise ad ionnsaigh gu sruth Chisoin, Sisera, ceannard armailtean Iabin, le a charbadan agus a mhòr-shluagh; agus bheir mi thairis e dod làimh?

Thàinig na rìghrean agus chog iad; an sin chog rìghrean Chanàain ann an Taanach làimh ri uisgeachan Mhegido; cha do ghabh iad buannachd air bith airgid.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan