Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 16:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thaom an siathamh aingeal a shoitheach air an abhainn mhòir Euphràtes; agus thiormaicheadh a h‑uisge, a‑chum gun ullaichte slighe rìghrean na h‑àird an ear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus millidh an Tighearna teanga na fairge Eiphitich, agus crathaidh e a làmh os cionn na h‑aibhne le a ghaoith làidir; agus buailidh e i na seachd sruthan agus bheir e orra imeachd troimhpe le casan tioram.

Thog mi suas fear o thuath, agus thig e; o èirigh na grèine gairmidh e air m’ainm; agus thig e a‑nuas air prionnsachan mar air clàbar, agus mar a shaltras an creadhadair a’ chriadh.

Cuiridh mi fàs slèibhtean, agus tiormaichidh mi am feur uile; nì mi na h‑aibhnichean nan eileanan, agus tiormaichidh mi na linneachan uisge.

A their ris an doimhne, Bi air do thiormachadh; agus tiormaichidh mi d’aibhnichean:

A’ gairm na h‑iolaire on ear, agus fear mo chomhairle o thìr chèin; seadh, labhair mi, agus bheir mi gu crìch e, rùnaich mi, agus coileanaidh mi e.

Uime sin, feuch, bheir an Tighearna a‑nìos orra uisgeachan na h‑aibhne, làidir agus lìonmhor, eadhon rìgh Asiria agus a uile ghreadhnachas; agus èiridh e os cionn a chlaisean uile, agus thèid e thar a uile bhruachan.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, tagraidh mise do chùis, agus nì mi dìoghaltas air do shon; agus tiormaichidh mi suas a fairge, agus nì mi a màthair-uisge tioram.

Chaidh an dara truaighe thairis: feuch, thig an treas truaighe gu h‑aithghearr.

Agus thubhairt e rium, Na h‑uisgeachan a chunnaic thu, far a bheil an strìopach na suidhe, is slòigh, agus coitheanail, agus cinnich, agus teangan iad.

Agus chunnaic mi aingeal eile ag èirigh on àird an ear, aig an robh seula an Dè bheò: agus ghlaodh e le guth mòr ris na ceithir aingil, don tugadh cumhachd cron a dhèanamh air an talamh agus air an fhairge,

Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan