Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna, Dia nan nèamh, dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah: ge bè neach a tha nur measg de a shluagh uile, gu robh an Tighearna a Dhia maille ris, agus rachadh e suas.
Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah.
Agus tha mise, mise fhèin Artacsercses an rìgh, a’ toirt òrdaigh do uile luchd-coimhead an ionmhais a tha air an taobh thall den abhainn, ge bè nì a dh’iarras Esra an sagart, sgrìobhaiche lagh Dia nan nèamh, oirbh, gun dèanar air ball e;
Gach nì a tha a rèir àithne Dia nan nèamh, dèanar gu cùramach e do thaigh Dia nan nèamh, air eagal gum bi fearg an aghaidh rìoghachd an rìgh agus a mhac.
Agus nuair a chuala mi na briathran seo, shuidh mi sìos, agus ghuil mi, agus rinn mi bròn làithean àraidh, agus thraisg mi, agus rinn mi ùrnaigh am fianais Dia nan nèamh,
Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.
Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.
Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.
Agus thàinig clachan-meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan-meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.
Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.