Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,
An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.
An sin bidh gul agus gìosgan fhiacal, nuair a chì sibh Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, agus sibh fhèin air ur tilgeadh a‑mach.
Agus nì luchd-àiteachaidh na talmhainn gàirdeachas os an cionn, agus bidh iad subhach, agus cuiridh iad tìodhlacan a dh’ionnsaigh a chèile; do bhrìgh gun do phian an dà fhàidh seo iadsan a bha a chòmhnaidh air an talamh.
Ach fàg a‑mach a’ chùirt a tha an taobh a‑muigh den teampall, agus na tomhais i, oir thugadh i do na Cinnich: agus saltraidh iad fo an casan am baile naomh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.
Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.
Oir chuir Dia nan cridhe a thoil a choileanadh, agus a bhith a dh’aon chomhairle, agus an rìoghachd a thoirt don fhiadh-bheathach, gus an coileanar briathran Dhè.
Agus ghlaodh e gu làidir le guth mòr, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon mhòr, agus rinneadh i na h‑àite-còmhnaidh dheamhan, na prìosan do gach spiorad neòghlan, na h‑ionad-cumail do gach eun neòghlan agus fuathmhor.
Agus thog aingeal treun clach mar chloich-mhuilinn mhòir, agus thilg e anns an fhairge i, ag ràdh, Is ann mar seo le neart a thilgear sìos am baile mòr sin Bàbilon, agus chan fhaighear e nas mò.
Agus cha soillsich solas coinnle annad nas mò; agus cha chluinnear annad nas mò guth fear-bainnse no bean-bainnse: oir b’iad do cheannaichean daoine mòra na talmhainn; agus led dhraoidheachd bha na h‑uile chinnich air am mealladh:
Agus shèid an ceathramh aingeal, agus bhuaileadh an treas cuid den ghrèin, agus an treas cuid den ghealaich, agus an treas cuid de na reultan; ionnas gun do rinneadh an treas cuid dhiubh dorcha agus nach do dhealraich an là rè an treas cuid dheth, no an oidhche air a’ mhodh cheudna.
Agus dh’fhosgail e sloc an dubh-aigein, agus dh’èirich deatach as an t‑sloc, mar dheataich àmhainn mhòir theinntich; agus rinneadh a’ ghrian agus an t‑adhar dorcha le deataich an t‑sluic.