Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 15:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

44 Iomraidhean Croise  

Is esan an Tighearna ar Dia-ne; air feadh na talmhainn uile tha a bhreitheanais.

Chuir e saorsa a dh’ionnsaigh a shluaigh; dh’àithn e a choicheangal gu bràth; is naomh agus urramach a ainm-san.

Sibhse air a bheil eagal Dhè, molaibh e; sibhse uile de shìol Iàcoib, thugaibh glòir dha; agus biodh a eagal-san oirbh, sibhse uile de shìol Israeil.

Cuimhnichidh air, agus tillidh a dh’ionnsaigh an Tighearna, uile chrìochan na talmhainn; agus strìochdaidh uile theaghlaichean nan cinneach na làthair.

Ach tha thusa naomh, ann ad chòmhnaidh far a bheil cliù Israeil.

Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad ad làthair, a Thighearna, agus bheir iad glòir dod ainm.

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Chuala Sion, agus bha aoibhneas oirre; agus rinn nigheanan Iùdah gàirdeachas airson do bhreitheanas, a Thighearna.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan.

Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia.

Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.

Air an adhbhar sin bheir an sluagh borb dhut glòir; gabhaidh cathair nan cinneach uamhasach eagal romhad.

Lem anam mhiannaich mi thu anns an oidhche; seadh, lem spiorad an taobh a‑staigh dh’iarr mi thu anns a’ mhadainn; oir nuair a bhios do bhreitheanais air an talamh, fòghlamaidh luchd-àiteachaidh an t‑saoghail fìreantachd.

Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.

Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite-còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham-sa còmhnaidh; maille ris-san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte.

Agus ghlaodh iad, gach aon ri a chèile, agus thubhairt iad, Is naomh, naomh, naomh Tighearna nan sluagh; tha an talamh uile làn de a ghlòir.

An sin chì thu, agus sruthaidh tu thairis, agus nì do chridhe plosgartaich, agus nìthear farsaing e; a chionn gun tionndaidhear mòr-shluagh na fairge thugad, agus gun tig feachd nan cinneach ad ionnsaigh.

Cò air nach biodh eagal romhadsa, O Rìgh nan slògh? Oir dhutsa buinidh urram; a chionn nach eil am measg uile dhaoine glice nan cinneach, agus am measg an uile rìoghachdan, aon neach cosmhail riut.

O Thighearna, mo neart, agus mo dhaingneach, agus mo dhìdean ann an là na h‑airce; ad ionnsaigh-sa thig na cinnich o chrìochan na talmhainn, agus their iad, Gu deimhinn shealbhaich ar n‑athraichean nì gun bhrìgh; dìomhanas, agus nithean gun tairbhe.

Nach bi eagal oirbh romhamsa, deir an Tighearna? Nach criothnaich sibh ann am làthair-sa, a shuidhich a’ ghaineamh mar chrìch don fhairge, le òrdagh buan, nach faod i dol thairte: ged luaisg a tuinn iad fhèin, cha toir iad buaidh; ged bheuc iad, cha tèid iad nas fhaide?

Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Nach eil thusa o shìorraidheachd, O Thighearna, mo Dhia-sa, m’aon naomh? Cha bhàsaich sinn. O Thighearna, dh’òrdaich thu iadsan airson breitheanais; agus, O Dhè chumhachdaich, dhaingnich thu iad airson smachdachaidh.

Agus tàrlaidh gun tèid gach aon a dh’fhàgar, de na h‑uile chinnich a thàinig an aghaidh Ierusaleim, suas o bhliadhna gu bliadhna gu adhradh a dhèanamh don Rìgh, Tighearna nan sluagh, agus a choimhead fèill nam pàillean.

Agus bidh mòran chinneach air an cur ris an Tighearna anns an là sin, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa: agus gabhaidh mise còmhnaidh ann ad mheadhon; agus bidh fhios agad gun do chuir Tighearna nan sluagh mise ad ionnsaigh.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Agus a‑chum gun tugadh na Cinnich glòir do Dhia airson a thròcair: a rèir mar a tha e sgrìobhte, Air an adhbhar seo aidichidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi ceòl dod ainm.

Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh-se naomh, oir tha mise naomh.

Agus shèid an seachdamh aingeal a thrompaid; agus bha guthan mòra air nèamh, ag ràdh, Rinneadh rìoghachdan an t‑saoghail nan rìoghachdan dar Tighearna, agus da Chrìosd-san; agus rìoghaichidh e gu saoghal nan saoghal.

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.

Agus chuala mi aingeal nan uisgeachan ag ràdh, Is cothromach thusa, O Thighearna, a tha, agus a bha, agus a bhitheas, do bhrìgh gun tug thu breith air an dòigh seo:

Agus chuala mi neach eile on altair ag ràdh, Seadh, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, is fìor agus cothromach do bhreitheanais.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus thugadh dhi gum biodh i air a sgeadachadh le lìon-aodach grinn, glan agus dealrach: oir is e an lìon-aodach grinn fìreantachd nan naomh.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.

Agus ghlaodh iad le guth mòr, ag ràdh, Cia fhad, O Thighearna naoimh agus fhìrinnich, gus an dèan thu breitheanas, agus an dìol thu ar fuil-ne orrasan a tha nan còmhnaidh air an talamh?

Chan eil neach air bith naomh mar an Tighearna; oir chan eil neach ann ach thu, agus chan eil carraig ann mar ar Dia-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan