Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 15:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha iad a’ seinn òran Mhaois, òglach Dhè, agus òran an Uain, ag ràdh, Is mòr, agus is iongantach d’obraichean, a Thighearna Dhè uile-chumhachdaich; is ceart agus is fìor do shlighean-sa, a Rìgh nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

49 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha Abram ceithir-fichead agus naoi-bliadhna-deug a dh’aois, dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; gluais thusa am fhianais, agus bi iomlan.

Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt-loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè.

Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd-shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais?

Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach:

Cuimhnich gun àrdaich thu a obair-san, a chì daoine.

A tha a’ dèanamh nithean mòra agus do‑rannsachaidh; nithean iongantach gun àireamh:

Oir tha an Tighearna math; mairidh a thròcair gu bràth, agus a fhìrinn o linn gu linn.

Cuimhnichibh a obraichean iongantach a rinn e, a chomharraidhean agus breitheanais a bheòil,

Tha gnìomharan an Tighearna mòr; rannsaichear iad leòsan uile aig a bheil tlachd annta.

Is iad fìrinn agus ceartas gnìomharan a làmh; tha a àitheantan-san uile fìor.

Molaidh mi thu, oir is uamhasach, iongantach a dhealbhadh mi; is iongantach d’obraichean-sa, agus is ro‑fhiosrach m’anam air sin.

Tha thu a’ fosgladh do làmh, agus a’ sàsachadh miann gach nì beò.

Agus labhraidh daoine air neart do bheartan uamhasach, agus aithrisidh mise do mhòrachd.

A‑thaobh Dhè tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh; is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

An làthair an athraichean rinn e nithean iongantach, ann an tìr na h‑Eiphit, ann am machair Shòain.

Cia mòr do ghnìomharan-sa, a Thighearna! Ro‑dhomhain tha do smuaintean.

Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob.

Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.

Cuiribh an cèill, agus thugaibh am fagas; seadh, cuireadh iad an comhairle ri chèile; cò a dh’aithris seo o chian? A dh’innis e on àm ud? Nach mise, an Tighearna? Agus chan eil dia tuilleadh ann ach mi; Dia ceart agus Slànaighear; chan eil ann ach mi.

Agus nuair a thàinig e a‑chum na garaidh, ghlaodh e le guth muladach ri Daniel; seadh, labhair an rìgh, ag ràdh ri Daniel, O Dhanieil, òglach an Dè bheò, a bheil do Dhia, dom bheil thu a’ dèanamh seirbhis an còmhnaidh, comasach air do thèarnadh o na leòmhainn?

Seadh, bhris Israel uile do reachd, eadhon le dol a thaobh, a‑chum nach tugadh iad gèill dod guth; air an adhbhar sin tha am mallachd air a dhòrtadh oirnn, agus an truaighe a tha sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè, a chionn gun do pheacaich sinn na aghaidh.

Cò a tha glic, agus tuigidh esan na nithean seo? Crìonna, agus aithnichidh e iad? Oir tha slighean an Tighearna ceart, agus gluaisidh na fìreanan annta: ach gheibh na ciontaich tuisleadh annta.

Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.

Tha an Tighearna cothromach na meadhon: cha dèan esan euceart: gach madainn bheir e breitheanas gu solas, chan fhàilnich e: ach chan eil eòlas aig an eucorach air nàire.

Dèan gàirdeachas gu mòr, O nighean Shioin; tog iolach, O nighean Ierusaleim: feuch, tha do rìgh a’ teachd ad ionnsaigh; is Fìrean agus is Slànaighear e; iriosal, agus a’ marcachd air asail, agus air searrach, mac na h‑asail.

Oir thugadh an lagh le Maois, ach thàinig an gràs agus an fhìrinn le Iosa Crìosd.

Agus labhair Maois ann an cluasan uile cho-chruinneachadh Israeil briathran na laoidhe seo, gus an do chrìochnaicheadh iad.

A chionn gum foillsich mi ainm an Tighearna: thugaibh-se mòrachd dar Dia-ne.

Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna.

A‑nis don Rìgh shìorraidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach, do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu saoghal nan saoghal. Amen.

Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh-san uile mar sheirbhiseach, a‑chum fianais air na nithean sin a bha gu bhith air an labhairt an dèidh sin;

Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Is mise Alpha agus Omega, an toiseach agus a’ chrìoch, tha an Tighearna ag ràdh, a tha, agus a bha, agus a tha ri teachd, an t‑Uile-chumhachdach.

Ag ràdh, Bheireamaid buidheachas dhutsa, O Thighearna Dhè uile-chumhachdaich, a tha, agus a bha, agus a bhitheas; airson gun do ghabh thu do chumhachd mòr ad ionnsaigh, agus gun do rìoghaich thu.

Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Agus tha aige air a thrusgan agus air a leis ainm sgrìobhte, RIGH NAN RIGH, AGUS TIGHEARNA NAN TIGHEARNA.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.

Agus aig na ceithir beò-chreutairean, aig gach aon dhiubh fa leth, bha sia sgiathan mun cuairt dha, agus bha iad làn de shùilean an taobh a‑staigh; agus cha do sguir iad a là no a dh’oidhche, ag ràdh, Naomh, naomh, naomh, an Tighearna Dia uile-chumhachdach, a bha, agus a tha, agus a bhitheas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan