Agus chunnaic mi comharradh eile air nèamh, mòr agus iongantach, seachd aingil aig an robh na seachd plàighean deireannach; oir annta seo tha fearg Dhè air a coileanadh.
Saoraidh esan, agus tèarnaidh e, agus obraichidh e comharraidhean agus mìorbhailean air nèamh agus air talamh, neach a shaor Daniel o chumhachd nan leòmhann.
Olaidh esan de fhìon fearg Dhè, a tha air a dhòrtadh gun mheasgadh, ann an cupan a fheirge-san; agus bidh e air a phianadh le teine agus pronnasg, am fianais nan aingeal naomha, agus am fianais an Uain.
Agus thàinig aon de na seachd aingil aig an robh na seachd soithichean, agus labhair e rium, ag ràdh rium, Thig an seo; nochdaidh mi dhut breitheanas na strìopaich mhòir, a tha na suidhe air mòran uisgeachan:
Agus as a bheul tha claidheamh geur a’ dol a‑mach, a‑chum gum buaileadh e na cinnich leis; agus riaghlaidh e iad le slait iarainn: agus tha e a’ saltairt fìon-amair fraoch-feirge an Dè uile-chumhachdaich.
Agus thàinig am ionnsaigh aon de na seachd aingil, aig an robh na seachd soithichean làn de na seachd plàighean deireannach, agus labhair e rium, ag ràdh, Thig an seo, nochdaidh mise dhut a’ bhean nuadh-phòsda, bean an Uain.
Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!
Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd: