Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 14:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lean an treas aingeal iad, ag ràdh le guth àrd, Ma nì neach air bith adhradh don fhiadh-bheathach, agus da ìomhaigh, agus ma ghabhas e a chomharradh air clàr a aodainn, no air a làimh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Chuir mi mar an ceudna dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach, ag ràdh, Guidheam oirbh, na dèanaibh an nì gràineil seo as fuathach leamsa.

Agus bidh deatach am pèine ag èirigh suas gu saoghal nan saoghal: agus chan eil fois sam bith a là no dh’oidhche acasan a nì adhradh don fhiadh-bheathach agus da ìomhaigh, no aig neach air bith a ghabhas comharradh a ainme-san.

Agus dh’imich an ciad aingeal, agus thaom e a shoitheach air an talamh; agus dh’èirich droch neasgaid nimhneach air na daoine sin aig an robh comharradh an fhiadh-bheathaich, agus orrasan a rinn adhradh da ìomhaigh.

Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan