Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 14:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus lean aingeal eile, ag ràdh, Thuit, thuit Bàbilon, am baile mòr sin, do bhrìgh gun tug i air gach uile chinneach òl de fhìon fearg a strìopachais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Trom-eallach Bhàbiloin, a chunnaic Isaiah mac Amois.

Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr.

Am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Bhàbiloin, agus mu thimcheall fearann nan Caldèanach, le Ieremiah am fàidh.

Agus their thu, Mar seo thèid Bàbilon fodha, agus chan èirich i nas mò, do bhrìgh an uilc a bheir mise oirre; agus claoidhear iad. An fhad seo briathran Ieremiah.

Labhair an rìgh agus thubhairt e, Nach i seo Bàbilon mhòr, a thog mise mar thaigh na rìoghachd, le neart mo chumhachd, agus airson onair mo mhòrachd?

Chan eil leigheas air do bhruthadh: tha do lot nimhneach: na h‑uile a chluinneas iomradh ort, buailidh iad am basan os do chionn; oir cò air nach do shiubhail d’olc an còmhnaidh?

Agus bidh an cuirp mharbha nan laighe ann an sràid a’ bhaile mhòir, ris an abrar gu spioradail Sòdom agus an Eiphit, far mar an ceudna an do cheusadh ar Tighearna.

Agus bha am baile mòr air a roinn na thrì earrannan, agus thuit bailtean nan cinneach: agus thàinig Bàbilon mhòr an cuimhne an làthair Dhè, a thoirt dhi cupan-fìona fraoch a fheirge.

Agus is i a’ bhean a chunnaic thu, am baile mòr sin, a tha a’ rìoghachadh os cionn rìghrean na talmhainn.

Oir is fìor agus is cothromach a bhreitheanais; oir thug e breith air an strìopaich mhòir, a thruaill an talamh le a strìopachas, agus dhìol e fuil a sheirbhiseach fhèin air a làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan