Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 14:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ag ràdh le guth àrd, Biodh eagal Dhè oirbh, agus thugaibh glòir dha; oir thàinig uair a bhreitheanais: agus dèanaibh adhradh dhàsan a rinn nèamh, agus talamh, agus an fhairge, agus na tobraichean uisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

44 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut.

Is beannaichte sibhse on Tighearna, a rinn na nèamhan agus an talamh.

Tha ar cobhair ann an ainm an Tighearna, a rinn nèamh agus talamh.

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Is e a their an t‑aingidh an taobh a‑staigh de a chridhe, gum peacaich e; chan eil eagal Dhè fa chomhair a shùl.

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram.

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Guth an tì a ghlaodhas anns an fhàsach, Ullaichibh slighe an Tighearna; rèitichibh anns an dìthreabh slighe àrd dar Dia-ne.

Tha guth ag ràdh, Eigh; agus thubhairt mise, Ciod a dh’èigheas mi? Is feur gach uile fheòil, agus tha a h‑òirdheirceas uile mar bhlàth na machrach:

O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia!

Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean.

Seinnibh, O nèamhan, oir thug an Tighearna gu crìch; togaibh iolach, O dhoimhneachdan na talmhainn; brisibh a‑mach le ceileir, a shlèibhtean; O dhoire, agus gach craobh a tha ann; oir shaor an Tighearna Iàcob, agus ghlòraich e e fhèin ann an Israel.

Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall-truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh-sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.

Ach Iehòbhah, is esan an Dia fìor, an Dia beò, agus an rìgh bithbhuan: ro a chorraich-san criothnaichidh an talamh, agus chan urrainn na cinnich a fhearg a ghiùlan.

Fòs, a mhic an duine, abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri fearann Israeil: Thàinig crìoch, thàinig a’ chrìoch air ceithir ceàrnan na tìre.

Tha crìoch air teachd, thàinig a’ chrìoch; tha i ri faire air do shon, feuch thàinig i.

Agus thubhairt e, Feuch, bheir mise fios dhut ciod a thachras ann an crìch dheireannaich na dian-fheirge: oir anns an àm a shònraicheadh thig a’ chrìoch.

An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal-sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.

Mura èisd sibh, agus mura cuir sibh an suim i, a‑chum glòir a thoirt dom ainm-sa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, cuiridh mise eadhon mallachd oirbh; agus mallaichidh mi ur beannachdan; seadh, mhallaich mi iad cheana, a chionn nach eil sibh ga chur an suim.

Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.

Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo.

Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin a‑chum an Dè bheò, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta:

Agus thubhairt Iosua ri Achan, A mhic, thoir, guidheam ort, glòir don Tighearna, Dia Israeil, agus dèan aidmheil dha; agus innis dhomh a‑nis ciod a rinn thu, na falaich uam e.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Cò air nach biodh eagal romhad, O Thighearna, agus nach tugadh glòir dod ainm? Oir tha thusa a‑mhàin naomh: oir thig na h‑uile chinnich, agus nì iad adhradh ann ad làthair; do bhrìgh gu bheil do bhreitheanais air an dèanamh follaiseach.

Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.

A’ seasamh fad as, tre eagal a peanais, ag ràdh. Mo thruaighe, mo thruaighe! A’ chathair mhòr sin Bàbilon, a’ chathair threun sin! Oir ann an aon uair thàinig do bhreitheanas.

Oir ann an aon uair thugadh saoibhreas cho mòr gu neoni. Agus sheas gach uile long-mhaighistir, agus gach uile chuideachd a thèid air longan, agus na seòladairean, agus a mheud is a nì gnothaichean air fairge, am fad,

Agus thilg iad duslach air an cinn, agus ghlaodh iad, a’ gul agus a’ caoidh, ag ràdh, Is truagh, is truagh, am baile mòr sin, anns an do rinneadh saoibhir iadsan uile aig an robh longan air an fhairge, tre a ghreadhnachas-san! Oir ann an aon uair dh’fhàsaicheadh e.

Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.

Is airidh thusa, a Thighearna, air glòir, agus urram, agus cumhachd fhaotainn; oir chruthaich thu na h‑uile nithean, agus airson do thoile-sa tha iad ann, agus chruthaicheadh iad.

Agus nuair a thug na beò-chreutairean sin glòir, agus urram, agus buidheachas don Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, a tha beò gu saoghal nan saoghal,

Agus shèid an treas aingeal, agus thuit reul mhòr o nèamh, a’ dearg-lasadh mar lòchran, agus thuit i air an treas cuid de na h‑aibhnichean, agus air na tobraichean uisge;

Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan