Sàthaibh an corran, oir tha am fogharadh abaich; thigibh, gabhaibh sìos, oir tha an t‑amar-fìona làn, tha na dabhachan a’ cur thairis: oir tha an aingidheachd mòr.
Agus thàinig aingeal eile a‑mach on altair, aig an robh cumhachd os cionn teine, agus ghlaodh e le glaodh àrd ris an Tì aig an robh an corran geur, ag ràdh, Sàth a‑steach do chorran geur, agus cnuasaich bagaidean fìonain na talmhainn: oir tha a fìondhearcan làn-abaich.