Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 14:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shàth an Tì a bha na shuidhe air an neul a chorran anns an talamh; agus bhuaineadh an talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Oir thig Mac an Duine ann an glòir a Athar, maille ra ainglean; agus an sin bheir e do gach neach a rèir a ghnìomharan.

Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall, a’ glaodhaich le guth àrd ris an Tì a bha na shuidhe air an neul, Sàth a‑steach do chorran, agus buain: oir thàinig àm dhut buain: oir tha fogharadh na talmhainn abaich.

Agus thàinig aingeal eile a‑mach as an teampall a tha air nèamh, agus corran geur aigesan mar an ceudna.

Agus shàth an t‑aingeal a chorran anns an talamh, agus chnuasaich e fìonain na talmhainn, agus thilg e i ann am fìon-amar mòr fearg Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan