Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, Uan na sheasamh air sliabh Shioin, agus maille ris ceud agus dà‑fhichead agus ceithir mìle, aig an robh ainm a Athar-san sgrìobhte air clàr an aodainn.
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, Ciod a tha thu a’ faicinn, a Ieremiah? Agus thubhairt mise, Tha mi a’ faicinn slaite de chraoibh almoin.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ghiùlain iomaghaoth on àird a tuath neul mòr a bha air a chuartachadh le fillidhean teine, agus dealradh air gach taobh dheth; agus na mheadhon bha amhail dreach òmair, eadhon ann am meadhon an teine.
An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh-chathrach.
Agus nuair a dh’amhairc mise, feuch na ceithir rothan aig taobh nan ceruban, aon roth aig aon cherub, agus roth eile aig cerub eile: agus bha dreach nan rothan air dhath cloiche criostail.
An sin thug e mi air slighe a’ gheata thuath, fa chomhair an teampaill, agus dh’amhairc mi, agus, feuch, lìon glòir an Tighearna teampall an Tighearna; agus thuit mise air m’aghaidh.
Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.
An sin dh’amhairc mise Daniel, agus, feuch, sheas dithis eile, aon air an taobh seo de bhruaich na h‑aibhne, agus aon air an taobh eile de bhruaich na h‑aibhne.
Agus tàrlaidh, ge bè air bith a ghairmeas air ainm an Tighearna, tèarnar e: oir ann an sliabh Shioin agus ann an Ierusalem bidh tèarnadh, mar a thubhairt an Tighearna; eadhon am measg an iarmaid a ghairmeas an Tighearna.
Agus thubhairt e, Ciod a tha thu a’ faicinn, Amois? Agus thubhairt mise, Cliabh de mheas samhraidh. An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha a’ chrìoch air teachd air mo shluagh-sa Israel; cha ghabh mise seachad orra nas mò.
Agus nì mi ise a bha bacach na h‑iarmad, agus ise a bha air a tilgeadh air falbh na cinneach làidir; agus riaghlaidh an Tighearna os an cionn ann an sliabh Shioin, o seo a‑mach, eadhon gu sìorraidh.
Agus thubhairt e rium, Ciod a tha thu a’ faicinn? Agus thubhairt mise, Dh’amhairc mi, agus, feuch, coinnleir uile de òr, le a chupan air a mhullach, agus a sheachd lòchrain air, agus seachd feadain gus na seachd lòchrain a tha air a mhullach;
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, neul geal, agus air an neul neach na shuidhe cosmhail ri Mac an Duine, aig an robh crùn òir air a cheann, agus corran geur na làimh.
Agus sheinn iad mar gum b’òran nuadh e an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair nan ceithir beathaichean, agus nan seanairean: agus cha b’urrainn neach sam bith an t‑òran sin fhòghlam, ach an ceud agus an dà‑fhichead agus na ceithir mìle, a shaoradh on talamh.
An tì a bheir buaidh, nì mi e na phost ann an teampall mo Dhè, agus cha tèid e nas mò a‑mach as: agus sgrìobhaidh mi ainm mo Dhè air, agus ainm cathair mo Dhè, as i Ierusalem nuadh, a thig a‑nuas o nèamh om Dhia: agus sgrìobhaidh mi m’ainm nuadh fhèin air.
An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.
Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, each glas; agus b’e ainm an tì a shuidh air, am Bàs, agus lean ifrinn na chuideachd: agus thugadh dhaibh-san cumhachd air a’ cheathramh cuid den talamh a mharbhadh le claidheamh, agus le gorta, agus le bàs, agus le fiadh-bheathaichean na talmhainn.