Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhosgail e a bheul ann an toibheum an aghaidh Dhè, a‑chum toibheum a thoirt da ainm, agus da phàillean, agus don dream a tha nan còmhnaidh air nèamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Na dhèidh seo dh’fhosgail Iob a bheul, agus mhallaich e a là.

Chuir iad am beul an aghaidh nan nèamh, agus ghluais an teanga air feadh na talmhainn.

Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

A shliochd nan nathraichean nimhe, cionnas a dh’fhaodas sibh nithean matha a labhairt, agus sibh fhèin olc? Oir is ann à pailteas a chridhe a labhras am beul.

Oir is ann as a’ chridhe thig droch smuaintean, mortadh, adhaltranas, strìopachas, gadachd, fianais bhrèige, toibheum:

Agus rinneadh am Facal na fheòil, agus ghabh e còmhnaidh nar measg-ne (agus chunnaic sinn a ghlòir, mar ghlòir aon-ghin Mhic an Athar), làn gràis agus fìrinn.

Is uaigh fhosgailte an sgòrnan; labhair iad cealg len teangaidhean; tha nimh nan nathraichean nimhe fo am bilean:

Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan;

Oir annsan tha uile iomlanachd na Diadhachd a’ gabhail còmhnaidh gu corporra.

Oir dheasaicheadh an ciad phàillean, anns an robh an coinnleir, agus am bòrd, agus aran na fianais, ris an abrar an t‑ionad naomh.

Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:

Agus chuala iad guth mòr o nèamh, ag ràdh riu, Thigibh a‑nìos an seo. Agus chaidh iad suas do nèamh air neul; agus chunnaic an naimhdean iad.

Uime sin biodh gàirdeachas oirbh, O nèamhan, agus oirbhse a tha nur còmhnaidh annta. An‑aoibhinn do luchd-àiteachaidh na talmhainn, agus na fairge! Oir thàinig an diabhal a‑nuas dur n‑ionnsaigh, agus fearg ro‑mhòr air, do bhrìgh gur fiosrach e nach eil aige ach ùine gheàrr.

Agus an dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, dh’fhosgladh teampall pàillean na fianais air nèamh.

Dèan gàirdeachas os a chionn, O nèamh, agus sibhse, abstoil naomha agus fhàidhean: oir dhìol Dia sibhse air.

Agus chuala mi guth mòr à nèamh ag ràdh, Feuch, tha pàillean Dhè maille ri daoine, agus nì esan còmhnaidh maille riu, agus bidh iadsan nan sluagh dha, agus bidh Dia fhèin maille riu, agus na Dhia dhaibh.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, bha doras fosgailte air nèamh; agus bha an ciad ghuth a chuala mi, mar fhuaim trompaid a’ labhairt rium, ag ràdh, Thig a‑nìos an seo, agus nochdaidh mise dhut nithean as èiginn tachairt an dèidh seo.

Agus timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt bha ceithir-cathraichean-fichead; agus air na cathraichean chunnaic mi ceithir-seanairean-fichead nan suidhe, air an sgeadachadh ann an culaidhean geala; agus bha aca air an cinn crùin òir.

Agus chuala mi gach uile chreutair a tha air nèamh, agus air an talamh, agus fon talamh, agus a tha air a’ chuan, agus na h‑uile nithean a tha annta, ag ràdh, Moladh, agus urram, agus glòir, agus cumhachd, gu robh dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus don Uan gu saoghal nan saoghal.

Uime sin tha iad an làthair rìgh-chathair Dhè, agus a’ dèanamh adhraidh dha a là agus a dh’oidhche na theampall: agus gabhaidh an Tì a tha na shuidhe air an rìgh-chathair còmhnaidh nam measg.

An dèidh seo dh’amhairc mi, agus, feuch, sluagh mòr nach robh neach sam bith comasach air àireamh, de na h‑uile chinnich, agus threubhan, agus shlòigh, agus theangaidhean, nan seasamh an làthair na rìgh-chathrach, agus an làthair an Uain, air an sgeadachadh le trusganan fada geala, agus pailm aca nan làmhan;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan