Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thugadh dha beul a’ labhairt nithean mòra, agus thoibheum; agus thugadh cumhachd dha cogadh a dhèanamh rè dà mhìos agus dà‑fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Sgathaidh an Tighearna na bilean miodalach uile, an teanga a labhras nithean mòra;

Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh-sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise.

Agus nì an rìgh a rèir a thoile fhèin; agus àrdaichidh e e fhèin, agus togar e na mhòrchuis os cionn gach dè, agus labhraidh e nithean iongantach an aghaidh Dia nan dia, agus soirbhichidh leis gus an coileanar a’ chorraich: oir nìthear an nì sin a dh’òrdaicheadh.

Is beannaichte esan a dh’fheitheas, agus a thig gus am mìle, trì cheud, agus còig-deug ar fhichead là.

Dh’amhairc mi an sin, do bhrìgh guth nam briathran mòra a labhair an adharc: dh’amhairc mi gus an do mharbhadh am beathach, gus an robh a chorp air a sgrios, agus air a thoirt don lasair loisgich.

Fòs air seadh nan deich adhaircean a bha na cheann, agus na tè eile a thàinig a‑nìos agus ron do thuit trì, eadhon na h‑adhairc sin aig an robh sùilean, agus beul a labhair nithean ro‑mhòr, aig an robh sealladh na bu chruadalaiche na càch.

Agus labhraidh e briathran an aghaidh an Tì as àirde, agus claoidhidh e naoimh an Tì as àirde, agus bidh dùil aige aimsirean agus reachdan a chaochladh: agus bheirear iad da làimh gu aimsir, agus aimsirean, agus roinn aimsir.

Thug mi fa‑near na h‑adhaircean, agus, feuch, thàinig a‑nìos nam measg adharc bheag eile, ron robh trì de na ciad adhaircean air an spìonadh a‑nìos as am freumhan: agus, feuch, anns an adhairc seo bha sùilean mar shùilean duine, agus beul a’ labhairt nithean mòra.

Agus thubhairt e rium, Gu dà mhìle agus trì cheud là: an sin glanar an naomh-ionad.

Na mealladh neach sam bith sibh air aon chor: oir cha tig an là sin mura tig air tùs trèigsinn-creidimh, agus mura foillsichear duine sin a’ pheacaidh, mac an sgrios;

A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.

Agus an sin foillsichear an t‑aingidh sin, a chlaoidheas an Tighearna le anail a bheòil fhèin, agus don cur e as le dealradh a theachd:

Agus nuair a chrìochnaicheas iad am fianais, nì am fiadh-bheathach a dh’èireas as an t‑sloc gun ìochdar cogadh nan aghaidh, agus bheir e buaidh orra, agus marbhaidh e iad.

Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth-aimsir, o aghaidh na nathrach.

Agus theich a’ bhean don fhàsach, far a bheil aice ionad air ullachadh le Dia, a‑chum gum biodh i air a beathachadh an sin rè mìle agus dà cheud agus trì-fichead là.

Agus thugadh dha cogadh a dhèanamh an aghaidh nan naomh, agus buaidh a thoirt orra: agus thugadh dha cumhachd os cionn gach uile threubh, agus theangaidh, agus chinnich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan