Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Cò as cosmhail riutsa am measg nan diathan, a Thighearna? Cò a tha cosmhail riut, glòrmhor ann an naomhachd, uamhasach ann am moladh, a’ dèanamh nithean iongantach?

Cò e ris an samhlaich sibh mi, agus ris an dèan sibh comhad mi? Agus cò e ris an coimeas sibh mi, a‑chum gum bi sinn cosmhail?

Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?

A tha a’ cur an aghaidh agus ga àrdachadh fhèin os cionn gach nì ris an abrar Dia, no don dèanar adhradh; ionnas mar Dhia gu bheil e na shuidhe ann an teampall Dhè, ga nochdadh fhèin gur Dia e.

Agus chunnacas iongantas eile air nèamh, agus, feuch, dràgon mòr dearg, aig an robh seachd cinn, agus deich adhaircean, agus air a chinn seachd crùin.

Agus tharraing a earball an treas cuid de reultan nèimh, agus thilg e iad a‑chum na talmhainn; agus sheas an dràgon fa chomhair na mnà, a bha ullamh gu bhith air a h‑aisead, a‑chum a leanabh a shlugadh suas nuair a bheireadh i e.

Agus chunnaic mi fiadh-bheathach eile ag èirigh as an talamh; agus bha aige dà adhairc cosmhail ri uan, agus labhair e mar dhràgon.

Agus thugadh cumhachd dha beatha a thoirt do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, ionnas gun labhradh ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, agus gun tugadh e fa‑near gum biodh a mheud is nach dèanadh adhradh do ìomhaigh an fhiadh-bheathaich, air am marbhadh.

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Nì iad seo cogadh an aghaidh an Uain, agus bheir an t‑Uan buaidh orra: oir is esan Tighearna nan tighearnan, agus rìgh nan rìgh; agus tha an dream a tha maille ris air an gairm, agus air an taghadh, agus dìleas.

Agus ghlaodh iad, nuair a chunnaic iad deatach a losgaidh, ag ràdh, Cò am baile as cosmhail ris a’ bhaile mhòr seo?

Agus cha do ghabh a’ chuid eile de na daoine, nach do mharbhadh leis na plàighean sin, aithreachas de obraichean an làmh, ionnas nach dèanadh iad adhradh do dheamhain, agus do dhealbhan òir, agus airgid, agus umha, agus cloiche, agus fiodha; nach urrainn faicinn, no cluinntinn, no imeachd:

Agus nuair a chunnaic fir Israeil uile an duine, theich iad roimhe, agus bha eagal mòr orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan