Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bu chosmhail am fiadh-bheathach a chunnaic mi ri liopard, agus bha a chasan mar chasan math-ghamhna, agus a bheul mar bheul leòmhainn: agus thug an dràgon a neart, agus a chathair, agus cumhachd mòr dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Agus sheall e na dhèidh, agus chunnaic e iad, agus mhallaich e iad ann an ainm an Tighearna: agus thàinig dà mhath-ghamhainn bhoireann a‑mach as a’ choille, agus reub iad a dhà agus dà‑fhichead duine cloinne dhiubh.

Saor mi o bheul an leòmhainn, agus o adhaircean nam buabhall teasairg mi.

Tachradh math-ghamhainn air call a cuileanan air duine nas luaithe na amadan na amaideachd.

Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.

Bidh am beucaich mar leòmhann boireann; beucaidh iad mar leòmhainn òga; agus nì iad nuallan, agus glacaidh iad a’ chreach, agus togaidh iad leo i, agus cha bhi neach ann a theasairgeas.

Am faod an t‑Etiopach a chraiceann a mhùthadh, no an liopard a bhrice? An sin faodaidh sibhse, a bha cleachdte ri olc, math a dhèanamh.

Uime sin nì leòmhann as a’ choille an sgrios, nì madadh-allaidh an fhàsaich am milleadh; nì liopard faire os cionn am bailtean: gach aon a thèid a‑mach asda reubar e na bhloighdean; a chionn gu bheil an lochdan lìonmhor, an cùl-sleamhnachadh minig.

Siùbhlaidh iad an dèidh an Tighearna: beucaidh e mar leòmhann: nuair a bheucas e, an sin criothnaichidh na mic on àird an iar.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh.

Ceart mar gun teicheadh duine o leòmhann, agus gun coinnicheadh math-ghamhainn e; no gun rachadh e a‑steach da thaigh, agus a làmh a leigeadh air a’ bhalla, agus gun dèanadh nathair a theumadh;

Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean-allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc-shluagh o ioma-chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe.

Gidheadh, sheas an Tighearna làimh rium, agus neartaich e mi; a‑chum tromhamsa gum biodh an searmonachadh air a làn-fhoillseachadh, agus gun cluinneadh na cinnich uile e: agus shaoradh mi à beul an leòmhainn.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:

Agus nuair a chunnaic an dràgon gun do thilgeadh e a‑chum na talmhainn, rinn e geur-leanmhainn air a’ mhnaoi a rug an leanabh mic.

Agus thilg an nathair as a beul uisge mar thuil, an dèidh na mnà, a‑chum gun tugadh i oirre a bhith air a giùlan air falbh leis an t‑sruth.

Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.

Agus tha e a’ cur an gnìomh cumhachd a’ chiad fhiadh-bheathaich uile na fhianais, agus tha e a’ toirt air an talamh, agus orrasan a tha nan còmhnaidh ann, adhradh a dhèanamh don chiad fhiadh-bheathach, aig an robh a lot bàsmhor air a leigheas.

Agus rinn iad adhradh don dràgon, a thug a chumhachd don fhiadh-bheathach: agus rinn iad adhradh don fhiadh-bheathach, ag ràdh, Cò a tha cosmhail ris an fhiadh-bheathach? Cò a tha comasach air cogadh a dhèanamh na aghaidh?

Agus thaom an còigeamh aingeal a shoitheach air rìgh-chathair an fhiadh-bheathaich; agus rinneadh a rìoghachd dorcha; agus chagainn daoine an teangaidhean tre phèin,

Agus na deich adhaircean a chunnaic thu, is deich rìghrean iad, nach d’fhuair rìoghachd fhathast, ach a tha a’ faotainn cumhachd mar rìghrean rè aon uaire maille ris an fhiadh-bheathach.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.

Agus rug e air an dràgon, an t‑seann nathair nimhe sin, as e an diabhal agus Sàtan, agus cheangail e e rè mìle bliadhna;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan