Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha e a’ toirt air na h‑uile dhaoine, araon beag agus mòr, saoibhir agus bochd, saor agus daor, comharradh a ghabhail air an làimh dheis, no air clàr an aodainn;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e.

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Beannaichidh e iadsan air am bi eagal an Tighearna, na big agus na mòir.

Araon a dhaoine ìosal agus àrd, beartach agus bochd le chèile.

Agus bidh e dhut mar chomharradh air do làimh, agus mar chuimhneachan eadar do shùilean, a‑chum gum bi lagh an Tighearna ann ad bheul: oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach thu as an Eiphit.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich tro mheadhon a’ bhaile, tro mheadhon Ierusaleim, agus cuir comharradh air aodainn na muinntir a tha ag osnaich agus a’ glaodhaich airson nan uile ghràinealachdan a tha air an dèanamh na meadhon.

Agus their aon ris, Ciod iad na lotan sin ann ad làmhan? An sin freagraidh esan, Iad sin leis an do lotadh mi ann an taigh mo chàirdean.

Uime sin air dhomh còmhnadh fhaotainn o Dhia, bhuanaich mi gus an là‑an‑diugh, a’ dèanamh fianais don bheag agus don mhòr, gun nì air bith a labhairt ach na nithean sin a thubhairt na fàidhean agus Maois a bha gu teachd;

Oir tre aon Spiorad bhaisteadh sinn uile do aon chorp, mas Iùdhaich sinn no Greugaich, mas daor no saor sinn; agus thugadh deoch ra h‑òl dhuinn uile a‑chum aon Spioraid.

Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil saor no daor, chan eil fireann no boireann ann; oir is aon sibh uile ann an Iosa Crìosd.

O seo a‑mach na cuireadh neach sam bith dragh orm; oir tha mi a’ giùlan comharraidhean an Tighearna Iosa ann am chorp.

Air dhuibh fios a bhith agaibh, ge bè math air bith a nì aon neach, gum faigh e an nì seo fhèin on Tighearna mas saor no daor e.

Uime sin taisgidh sibh suas iad seo mo bhriathran nur cridhe, agus nur n‑anam, agus ceanglaidh sibh iad mar chomharradh air ur làimh; agus bidh iad mar aodannain eadar ur sùilean.

Agus ceanglaidh tu iad mar chomharradh air do làimh, agus bidh iad mar aodannain eadar do shùilean.

Far nach eil Greugach no Iùdhach, timcheall-ghearradh, no neo-thimcheall-ghearradh, duine borb, Sitianach, daor no saor: ach is e Crìosd na h‑uile, agus anns na h‑uile.

Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

Agus chunnaic mi mar gum b’fhairge ghloine, air a measgadh le teine; agus iadsan a thug buaidh air an fhiadh-bheathach, agus air a ìomhaigh, agus air a chomharradh, agus air àireamh a ainme, nan seasamh air an fhairge ghloine, agus clàrsaichean Dhè aca.

A‑chum gun ith sibh feòil rìghrean, agus feòil àrd-cheannard, agus feòil dhaoine cumhachdach, agus feòil each agus na muinntir a shuidheas orra, agus feòil nan uile dhaoine, araon saor agus daor, araon beag agus mòr.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.

Agus chunnaic mi na mairbh, beag agus mòr, nan seasamh ann am fianais Dhè: agus dh’fhosgladh na leabhraichean: agus dh’fhosgladh leabhar eile, eadhon leabhar na beatha: agus thugadh breith air na mairbh as na nithean sin a bha sgrìobhte anns na leabhraichean, a rèir an gnìomharan.

Agus chunnaic mi rìgh-chathraichean, agus shuidh iad orra, agus thugadh breitheanas dhaibh: agus chunnaic mi anaman na muinntir den do chuireadh an cinn airson fianais Iosa, agus facal Dhè, agus nach do rinn adhradh don fhiadh-bheathach, no da ìomhaigh, agus nach do ghabh a chomharradh air clàr an aodainn, no air an làmhan; agus bha iad beò, agus rìoghaich iad maille ri Crìosd rè mìle bliadhna.

Agus dh’fhalaich rìghrean na talmhainn, agus na daoine mòra, agus na daoine saoibhir, agus na h‑àrd-cheannardan, agus na daoine cumhachdach, agus gach tràill, agus gach duine saor, iad fhèin ann an uaimhean agus ann an creagan nam beann;

Ag ràdh, Na dèanaibh dochann air an talamh, no air an fhairge, no air na craobhan, gus an cuir sinn seula air seirbhisich ar Dè air clàir an aodainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan