Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha e a’ dèanamh chomharraidhean mòra, ionnas gu bheil e a’ toirt air teine teachd a‑nuas o nèamh air an talamh, ann am fianais dhaoine;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

An sin thuit teine an Tighearna, agus chaith e an ìobairt-loisgte, agus an connadh, agus na clachan, agus an luaithre; agus an t‑uisge a bha anns a’ chlais dh’imlich e suas.

Agus rinn draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.

Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Eiphit.

Agus cha b’urrainn na draoidhean seasamh an làthair Mhaois airson nan neasgaid; oir bha an neasgaid air na draoidhean, agus air na h‑Eiphitich uile.

Agus thàinig teine a‑mach on Tighearna, agus loisg e an dà cheud agus an lethcheud fear a thug seachad tùis.

Agus air teachd do na Pharasaich agus do na Sadusaich ga dhearbhadh, dh’iarr iad air comharradh a nochdadh dhaibh o nèamh.

Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.

Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh.

Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.

Agus ma chiùrras neach air bith iad, thèid teine a‑mach as am beul, agus claoidhidh e an naimhdean: agus ma chiùrras neach air bith iad, is èiginn dha a bhith air a mharbhadh mar seo.

Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile-chumhachdaich.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Agus chaidh iad suas air leud na talmhainn, agus chuartaich iad camp nan naomh, agus am baile ionmhainn: agus thàinig teine a‑nuas o Dhia à nèamh, agus chuir e as dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan