Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Taisbeanadh 13:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma bheir neach air bith ann am braighdeanas, thèid e fhèin ann am braighdeanas: ma mharbhas neach air bith leis a’ chlaidheamh, is èiginn e fhèin a bhith air a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Is ann an seo a tha foighidinn agus creideamh nan naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

Agus gabhaidh na cinnich iad, agus bheir iad gu an àite fhèin iad, agus dealbhaichidh taigh Israeil iad ann am fearann an Tighearna, mar òglaich agus mar bhanoglaich; agus nì iad braighdean dhiubhsan aig an robh iad nam braighdean; agus riaghlaidh iad os cionn na muinntir a bha gan sàrachadh.

Oir, feuch, tha an Tighearna a’ teachd a‑mach as àit, a smachdachadh luchd-àiteachaidh na talmhainn airson an aingidheachd; agus leigidh an talamh ris an fhuil a tha air, agus cha chòmhdaich e nas mò a mhairbh.

Is an‑aoibhinn dhutsa, a chreachadair, nach robh air do chreachadh thu fhèin; agus fhir na foill, ris nach do bhuin iad gu fealltach: nuair a sguireas tu de chreachadh, creachar thu; agus nuair a bheir thu thairis a bhith ri foill, buinidh iad gu fealltach riut.

Agus tàrlaidh, mar a their iad riut, Càit an siubhail sinn air falbh? An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Iadsan a tha airson bàis, a‑chum bàis; agus iadsan a tha airson a’ chlaidheimh, a‑chum a’ chlaidheimh; agus iadsan a tha airson na gorta, a-chum na gorta; agus iadsan a tha airson na bruid, a‑chum braighdeanais.

Agus thig e, agus buailidh e tìr na h‑Eiphit, iadsan a tha a‑chum bàis, le bàs; agus iadsan a tha a‑chum daorsa, le daorsa; agus iadsan a tha a‑chum a’ chlaidheimh, leis a’ chlaidheamh.

Is math a bhith ann an dòchas, agus feitheamh gu fòil ri slàinte an Tighearna.

Oir tha an fhàistneachd fhathast airson aimsir shònraichte, ach air a’ cheann mu dheireadh labhraidh i, agus cha dèan i breug: ged dhèan i moille, feith rithe; oir gu deimhinn thig i, cha bhi i air dheireadh.

An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.

Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Nur foighidinn sealbhaichibh ur n‑anaman.

Air ur neartachadh leis an uile neart a rèir a chumhachd ghlòrmhoir-san, a‑chum an uile fhoighidinn agus fhad-fhulangais maille ri gàirdeachas;

A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd-leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Agus bha fearg air na cinnich, agus thàinig d’fhearg-sa, agus àm nam marbh gun tugte breith orra, agus gun tugadh tusa duais dod sheirbhisich na fàidhean, agus do na naoimh, agus dhaibhsan air a bheil eagal d’ainme, do na big agus do na mòir, agus gun sgriosadh tu iadsan a sgriosas an talamh.

An seo tha foighidinn nan naomh: an seo tha an dream a choimheadas àitheantan Dhè, agus creideamh Iosa.

Oir dhòirt iadsan fuil naomh agus fhàidhean, agus thug thusa dhaibh fuil ra h‑òl; oir is toillteanach iad.

Agus am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil ann, is esan an t‑ochdamh, agus tha e on t‑seachdnar, agus thèid e am mugha.

Am fiadh-bheathach a chunnaic thu, bha e, agus chan eil e ann; agus èiridh e suas à sloc an dubh-aigein, agus thèid e am mugha: agus gabhaidh luchd-àiteachaidh na talmhainn (aig nach eil an ainmean sgrìobhte ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail), iongantas, nuair a chì iad am fiadh-bheathach a bha, agus nach eil agus a bhitheas ann.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do ghràdh, agus do sheirbhis, agus do chreideamh, agus d’fhoighidinn, agus d’obraichean deireannach, gu bheil iad nas mò na do chiad obraichean.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus do shaothair, agus d’fhoighidinn, agus nach urrainn thu giùlan leòsan a tha olc; agus gun do dhearbh thu iadsan a their gur abstoil iad fhèin, agus nach eadh, agus gun d’fhuair thu iad breugach;

A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.

Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan